|
|
![]() Helping San Diego, California and beyond since 1997.
|
|

14A. GAELIC GOSPEL OF MARK
A Gaelic translation of the Gospel of Mark. Chapter and verse have been retained to make it easy to access any part of the Gospel. The comparable English version is the RSV
The Gospel is in TWO parts. Chapters 1 - 8 are found on this page, while 9 - 16 are found on another. The reference for the SECOND part, that is Chapters 9 - 16 is found at the end of this Gospel.
THE FOLLOWING GOSPEL OF MARK is largely based on the Gospel of Mark in Ewen MacEachan's New Testament. The New Testament was produced in 1875 from a manuscript left by Father MacEachan. Archaic language has been replaced by modern words and idioms.
ENGLISH RSV VERSION is perhaps the version closest to it. Anyone wishing to read the following with a comparable English version should use the RSV.
CHAPTER AND VERSE can be easily accessed by using the FIND facility in the Edit drop down file in main menu bar by using the numeral 1 and the uppercase V and X where appropriate. Mark's Gospel has XV1 chapters. Having found the chapter, the verse can be found by employing the same means but using numerals only.
Enquiries or comments about the text are welcome. Use email at the end of the Gospel.
AN SOISGEUL AIR REIR NAOMH MARC
1. CAIBIDEIL
Teagasg Eoin Baistidh: Criosda air a bhaisteadh leis: Criosda a gairm a dheisciopul, 'sa deanamh moran mhiarailtean.
T OISEACHD soisgeul Iosa Criosda, Mac Dhe.
2 Air reir 's mar tha e sgriobhte san fhaidh Isaias: seall, cuiridh mi m' aingeal roimh do ghnuis, a reiticheas do shlighe romhad.
3 Guth neach ag eigheach san fhasach: Reitichibh slighe an Tighearna, agus dianaibh a rathadain direach.
4 Bha Eoin anns an fhasach a baisteadh, 'sa searmonachadh baisteadh an aithreachais gu mathanas pheacannan.
5 Agus chaidh duthaich Iudea uile mach ga ionnsuidh, agus muinntir Ierusalem gu leir, is bhaisteadh iad leis ann an abhuinn Iordain ag aideachadh am peacannan.
6 Agus bha Eoin air eideadh le fionnadh chamhal, is crios leathair mu mheadhon; agus dh' ith e locuist is mil fhiadhaich. Agus shearmonaich e ag radh:
7 Tha fear nas cumhachdaiche na mise tighinn as mo dheigh: neach nach airidh mise air cromadh sios is barail a bhrogan fhuasgladh.
8 Bhaist mise sibh le uisge; ach baistidh esan sibh leis an Spiorad Naomh.
9 Is thachair, gun tainig Iosa anns na laithean sin bho Nasareth Ghalile; agus bhaisteadh e le Eoin ann an abhuinn Iordan.
10 'S air ball a direadh as an uisge, chunnaic e neamh fosgailte, 's an Spiorad mar chalman a tearnadh 'sa fantuinn air.
11 Agus thainig guth bho neamh : Is tusa mo Mhac gaolach, is mor mo thlachd dhiot.
12 Agus ghrad-ghreas an Spiorad e dhan fhasach.
13 Agus bha e san fhasach da-fhichead latha, agus da-fhichead oidhche; is bhuaireadh le Satan e; 's bha e comhla ris na h-ainmhidhean, agus bha na h-ainglean a frithealadh dha.
14 'S an deigh do dh' Eoin a bhith air a chuir an greim, thainig Iosa do Ghalile, a searmonachadh soisgeul rioghachd Dhe,
15 'S ag radh: Tha 'n t-am air a choimhlionadh, 's tha rioghachd Dhe aig laimh; deanaibh aithreachas, agus creidibh san t-soisgeul.
16 'Sa gabhail ri taobh muir Ghalile, chunnaic e Simon,agus Anndra a bhrathair, a cur lion sa mhuir (oir b' iasgairean iad.),
17 Agus thuirt Iosa riutha: Thigibh leanaibh mise, agus ni mi iasgairean dhaoine dhibh.
18 Agus ghrad dh' fhag iad na lin, is lean iad e.
19 'Sa gabhail as a sin ceum beag air adhart, chunnaic e Seumas mac Shebede agus Eoin a bhrathair, 's iad a caradh nan lion sa bhata:
20 Agus ghairm e iad san uair. 'Sa fagail an athar Sebede maille ris an luchd thuarasdail sa bhata, lean iad e.
21 Agus chaidh iad a stigh do Chapharnaum; agus air dha a dhol a stigh gun dail air na laithean sabaid dhan t-sinagog, theagaisg e iad.
22 Agus ghabh iad ioghnadh ri theagasg: oir bha e gan teagasg mar neach aig an robh cumhachd, 's chan ann mar na Sgriobhaich.
23 Agus bha san t-sinagag aca duine anns an robh spiorad neoghlan, is dh' eigh e
24 Ag radh: Ciod an comunn eadar sinn agus thusa, Iosa bho Nasareth? An tainig thu gus ar sgrios? Is aithne dhomh co thu, Aon Naomh Dhe.
25 Is mhaoith Iosa air, ag radh: Bi samhach, agus gabh a-mach as an duine.
26 'S an spiorad neoghlan ga reubadh, 's ag eigheach le guth ard, chaidh e mach as.
27 Agus ghabh iad uile ioghnadh, ionnus gun d' fharraid iad 'nam measg fhein, ag radh: De tha so? De an teagasg ur so? oir tha e toirt orduigh le cumhachd do na spioraid neoghlan fhein, agus tha iad umhail dha.
28 'Agus sgaoil iomradh air gun dail feadh duthaich Ghalile uile.
29 'Sa dol a mach air ball as an t-sinagog, thainig iad maille ri Seumas is Eoin gu tigh Shimoin is Anndra.
30 Agus bha mathair-cheile Shimoin 'na laidhe ann am fiabhras; agus dh 'innis iad dha gun dail mu deidhinn.
31 Agus thainig e, 'sa breith air laimh oirre thog e i is ghrad-dh' fhag am fiabhras i, agus fhreasdail i dhaibh.
32 'S nuair thainig am feasgar, 'sa chaidh a ghrian fodha, thug iad ga ionnsuidh iadsan uile a bha easlainteach, agus anns an robh deomhain.
33 'S bha am baile uile air cruinneachadh aig an dorus.
34 Agus leighis e moran, a bha air an leireadh le iomadh gne ghalar, agus thilg e mach moran dheomhan, 's cha do leig e leo labhairt, a chionn 's gum b' aithne dhaibh e.
35 'S ag eirigh ro-mhoch, 'sa dol a mach, chaidh e gu aite fas; is rinn e urnaigh an sin.
36 Agus lean Simon e, agus iadsan a bha comhla ris.
37 'S nuair a fhuair iad e, thuirt iad ris: Tha iad uile gad shireadh.
38 Is thuirt e riutha: rachamaid dha na bailtean sa choimhearsnachd, gus an searmonaich mi an sin cuideachd: 's gur ann air son so a thainig mi.
39 'S bha e teagasg 'nan sinagogan, 's feadh Ghalile uile, 'sa tilgeadh a-mach dheomhan.
40 Agus thainig lobhar ga ionnsuidh, a guidhe air; 'sa tuiteam air a ghluinean,thuirt e ris: Ma 's aill leat, is urrainn dhut mo ghlanadh.
41 'Sa gabhail truais ris, shin Iosa a lamh, 'sa beantuinn dha, thuirt e ris : Is aill leam: bi glan.
42 'S nuair thuirt e so, ghrad-dh' fhag an luibhre e, agus bha e air a ghlanadh.
43 'S thug e sparradh cruaidh dha, agus leig e air falbh e gun dail;
44 'S thuirt e ris: Fiach nach innis thu do neach sam bith : ach falbh, fiach thu fhein don ard-shagart, agus tairg air son do ghlanaidh na nithean a dh' orduich Maois, mar theisteanas dhaibh.
45 Ach air dhasan a dhol a mach, thoisich e ri innse, 's ri sgaoileadh an sgeoil; air chor 's nach b' urrainn dha a nis a dhol a stigh don bhaile gu follaiseach, ach dh' fhuirich e a mach ann an aiteachan fas, agus chrunnaich iad as gach aite ga ionnsuidh.
11. CAIBIDEIL
Criosda leigheas an fhir air an robh a chrith: a gairmeadh Mhatu: e a gabhail leisgeul a dheisciopul.
Agus thill e gu Capharnaum an ceann beagan laithean, agus chualas gun robh e aig an tigh.
2 Agus chruinnich na h-uimhir, 's nach robh aite aca eadhon timcheall an dorais, is labhair e am facal riutha.
3 Agus thainig iad ga ionnsuidh a toirt leo duine, air an robh am pairilis, air a ghiulan le ceathrar.
4 'Sa chionns nach b' urrainn dhaibh a chur 'na lathair le domhlachd an t-sluaigh, ruisg iad mullach an tighe far an robh e; 'S air dhaibh fosgladh a dhianamh, leig iad sios an leaba air an robh fear na crithe 'na laidhe.
5 'S nuair chunnaic Iosa an creideamh, thuirt e ri fear na crithe: A mhic, tha do pheacannan mathte dhut.
6 Ach bha cuid de na Sgriobhaich 'nan suidhe an sin, 'sa smaoineachadh 'nan cridheachan:
7 Carson a tha e a bruidhinn mar so? tha e labhairt blaisbheum. Co is urrainn peacannan a mhathadh, ach Dia 'na aonar?
8 Dh' aithnich Iosa san uair 'na spiorad fhein gun robh iad a smaoineachadh so aca fhein, is thuirt e riutha : Carson tha sibh a smaoineachadh nan nithean sin 'nur cridheachan?
9 Co dhiu is fhasa radh ri fear na crithe: Tha do pheacannan mathte dhut; no radh: Eirich, tog do leaba, agus coisich?
10 Ach los fios a bhith agaibh gu bheil comas aig Mac an duine peacannan a mhathadh air talamh (thuirt e ri fear na crithe,)
11 Tha mi ag radh riut: Eirich, tog do leaba, agus falbh dhachaigh.
12 Agus ghrad-dh' eirich e: 'sa togail a leaba, dh' fhalbh e 'nam fianuis uile; air chors gun do ghabh iad ioghnadh air fad, 's thug iad gloir do Dhia, ag radh: Chan fhaca sinn riamh a leithid so.
13 Is chaidh e mach a-rithist gu taobh na mara; agus thainig an sluagh uile ga ionnsuidh, is theagaisg e iad.
14 'S nuair a bha e gabhail seachad, chunnaic e Lebhi Mac Alpheuis 'na shuidhe an tigh na cise, is thuirt e ris: Lean mise. 'S ag eirigh, lean e e.
15 Agus thachair, nuair a bha e 'na shuidhe aig biadh 'na thigh-san, gun do shuidh moran chismhaor is pheacach maille ri Iosa agus a dheisciopuil: oir bha moran ann, a lean e.
16 Agus na Sgriobhaich 's na Phairisich a faicinn gun robh e ag ithe comhla ri cismhaoir agus peacaich, thuirt iad ri dheisciopuil: Carson a tha ur maighistir ag ithe 's ag ol comhla ri cismhaoir agus peacaich?
17 Air do Iosa so a chluinntinn, thuirt e riutha: Chan eil feum aig daoine slana air lighich, ach aig daoine tinne: oir cha tainig mi a ghairm nan naomh ach nam peacach.
18 Agus bha deisciopuil Eoin 's nam Phairiseach a trasgadh; agus thainig iad, is thuirt iad ris: Carson tha deisciopuil Eoin 's nan Phairiseach ri traisg, agus nach eil na deisciopuil agadsa ri traisg?
19 Is thuirt Iosa riutha: An urrainn clann na bainnse trasgadh, fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha? Fhad sa bhitheas fear-na-bainnse comhla riutha, chan urrainn dhaibh trasgadh.
20 Ach thig na laithean anns an toirear bhuatha fear-na-bainnse: agus an sin ni iad traisg anns na laithean sin.
21 Chan fhuaghail duine sam bith breid de dh' aodach ur air seann eideadh: air-neo bheir am breid ur a liad fhein as an t-seann aodach, is bithidh an stracadh nas mua.
22 Agus cha chuir duine sam bith fion ur ann an seann searragan: air-neo sgainidh am fion na searragan, is doirtear am fion, agus caillear na searragan: ach is coir fion ur a chur an searragan ura.
23 Is thachair a rithist, nuair a bha an Tighearna triall tro achaidhean arbhair air an t-sabaid, gun do theann a dheisciopuil, 's iad a gabhail air adhart, ri spioladh dhias.
24 Is thuirt na Phairisich ris: Seall, carson tha iad a dianamh air latha na sabaid ni nach eil ceadaichte?
25 Is thuirt e riutha: Nach do leugh sibh riamh, ciod a rinn Daibhidh, nuair a bha e feumach 's air acras, e fhein agus iadsan a bha cuideris?
26 Mar a chaidh e stigh do thigh Dhe ri linn Abiathair an t-ard-shagart, agus dh' ith e an t-aran-tairgse, nach robh ceadaichte itheadh, ach do na sagairt, agus thug e dhaibhsan a bha comhla ris ?
27 Is thuirt e riutha: Rinneadh an t-sabaid air son an duine, 's chan e an duine air son na sabaid.
28 Mar sin se Mac an duine Tighearna na sabaid fhein.
111. CAIBIDEIL
Criosda leigheas na laimhe seargte, a taghadh an da ostal dhiag, 'sa diteadh blaisbheum nam Phairiseach.
Is chaidh e stigh a-rithist dhan t-sinagog, agus bha fear an sin aig an robh lamh sheargte.
2 Agus bha suil aca air, fiach an dianadh e leigheas air latha sabaid; los cuis dhitidh fhaighinn 'na aghaidh.
3 Agus thuirt e ris an duine aig an robh an lamh sheargte: Seas suas sa mhiadhon.
4 Is thuirt e riutha: A bheil e laghail math a dhianamh air na laithean sabaid, no olc? beatha a thiarnadh, no cur as dhi? Ach bha iadsan 'nan tosd.
5 'S ag amharc orra mun cuairt le feirg 's le duilichinn air son doille an cridhe, thuirt e ris an duine: Sin a mach do lamh. Agus shin e i: is rinneadh slan a lamh dha.
6 'S na Phairisich a dol a mach, ghabh iad comhairle san uair cuide ris na Herodianich na aghaidh, fiach ciamar a chuireadh iad as dha.
7 Ach chaidh Iosa maille ri dheisciopuil a lethtaobh thun na mara; agus lean moran sluaigh e bho Ghalile 's bho Iudea,
8 Agus bho lerusalem, agus bho Idumea, 'S bho thaobh thall Iordain; is iadsan mu thimchioll Thiruis agus Shidoin, cuideachda mhor, 's iad air cluinntinn nan nithean a rinn e, thainig iad ga ionnsuidh.
9 Agus thuirt e ri dheisciopuil, bata beag a bhith ga fhreasdal as leth an sluaigh, eagal gun domhlaicheadh iad e.
10 Oir leighis e moran, air chor 's gun do bhruchd iad ga ionnsuidh gu beantuinn dha, a mhiad 'sa bha easlainteach.
11 'S nuair a chunnaic na spioraid neoghlan e, thuit iad sios air a bhialaobh: agus dheigh iad, ag radh:
12 Is tusa Mac Dhe. Is mhaoith e gu fuathasach orra, gun iad ga dhianamh follaiseach.
13 'Sa dol suas gu beinn, ghairm e h-uige an fheadhainn a b' aill leis fhein; agus thainig iad ga ionnsuidh.
14 Agus roghnaich e gum biodh da fhear dhiag maille ris; agus gun cuireadh e a theagasg iad.
15 Is thug e comas dhaibh tinneasan a leigheas, agus deomhain a thilgeadh a mach.
16 Agus thug e Peadar mar ainm air Simon:
17 Agus Seumas Shebede, agus Eoin, brathair Sheumais, is thug e Boanerges mar ainm orra, se sin, mic an tairneanaich:
18 Agus Anndra, agus Philip, agus Bartholome, agus Matu, agus Tomas, agus Seumas Alpheuis, agus Thadeus, agus Simon, an Cananeach,
19 Agus Iudas Iscariot, esan mar an ciadna a bhrath e.
20 Is thainig iad gu tigh; agus chruinnich an sluagh a rithist, air chor 's nach b urrainn dhaibh urad agus aran ithe.
21 S nuair a chuala a chairdean so, chaidh iad a bhreith air; oir thuirt iad: Gun do ghabh e an caothach.
22 Is thuirt na Sgriobhaich, a thainig a nuas a Ierusalem: Tha Beelsebub aige, 's gur ann le prionnsa nan deomhan a tha e tilgeadh a mach dheomhan.
23 'S an deigh an gairm ri cheile, thuirt e riutha ann an dubhfhacail: Ciamar is urrainn Satan Satan a thilgeadh a mach?
24 Agus ma bhios rioghachd air a roinn na h-aghaidh fhein, chan urrainn dhan rioghachd sin seasamh.
26 Agus ma bhios tigh air a roinn 'na aghaidh fhein, chan urrainn dhan tigh sin seasamh.
26 'S ma tha Satan air eirigh 'na aghaidh fhein, tha e roinnte, 's chan urrainn dha seasamh, ach tha crioch air.
27 Chan urrainn do neach sam bith a dhol a stigh do thigh duine laidir, agus airneas a spuilleadh, mur ceangal e an toiseach an duine laidir, agus an sin creachaidh e a thigh.
28 Gu firinneach tha mi ag radh ribh, gum mathar do chlann-daoine a h-uile peacadh, agus na blaisbheuman leis an toir iad toibheum:
29 Ach esan a their blaisbheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e mathanas a chaoidh, ach bithidh e ciontach am peacadh siorruidh.
30 Chionn gun robh iad ag radh: Tha spiorad neoghlan aige.
31 Is thainig a mhathair 'sa bhraithrean; 's nan seasamh a muigh, chuir iad ga shireadh.
32 Agus bha an sluagh nan suidhe mun cuairt air; is thuirt iad ris: Faic tha do mhathair 's do bhraithrean a muigh gad iarraidh.
33 Agus gam freagairt thuirt e: Co i mo mhathair, agus co iad mo bhraithrean?
34 'S ag amharc mun cuairt orrasan, a bha 'nan suidhe mu thimcheall, thuirt e: Seall mo mhathair, agus mo bhraithrean.
35 Oir is esan, a ni toil Dhe, mo bhrathair, agus mo phiuthar, agus mo mhathair.
1V. CAIBIDEIL
Dubhfhacal an fhir-chuir; Criosda a ciuineachadh stoirm na mara.
Agus thoisich e rithist ri teagasg aig taobh na mara; is chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, air chor gun deachaidh e air bord bata 's gun do shuidh e sa bhata air a mhuir, agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tir;
2 Agus theagasg e moran nithean dhaibh an dubhfhacail, is thuirt e riutha 'na theagasg:
3 Eisdibh: Seall chaidh fear-cuir a mach a chur.
4 'S nuair a bha e cur, thuit cuid ri taobh an rathaid agus thainig eoin an athair, agus dh' ith iad e.
5. Agus thuit cuid eile air talamh creagach, far nach robh moran uire aige: 'S ghrad-dh' fhas e, chionn nach robh doimhneachd fuinn aige:
6. 'S nuair a dh' eirich a ghrian, shearg e; 's bho nach robh friamh aige, shearg e as.
7 Agus thuit cuid eile dheth am measg dhreaghan; agus dh' fhas an dreaghan suas, is thachd e e, agus cha tug e mach toradh.
8 Agus thuit cuid eile air talamh math; agus dh' fhas e suas, is chinnich e, agus thug e bhuaithe toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, agus cuid ciad fillte.
9 Is thuirt e: Esan aig a bheil cluasan gu cluinntinn, cluinneadh e.
10 Agus nuair a bha e leis fhein, dh' fhaighnich na dha dhiag, a bha comhla ris, an dubhfhacal dheth.
11 Is thuirt e riutha: Thugadh dhuibhse eolas air run -diomhair rioghachd Dhe: ach dhaibhsan, a tha muigh, nithear a h-uile ni ann an dubhfhacail,
12 Air chor 'sa faicinn gum faiceadh iad, 's nach bu leir dhaibh; 'sa cluinntinn gun cluinneadh iad, 's nach tuigeadh iad: eagal gun tionndaidh iad uair sam bith, 's gum mathte dhaibh am peacannan.
13 Is thuirt e riutha: Nach tuig sibh an dubhfhacal so? agus ciamar a thuigeas sibh a h-uile dubhfhacal?
14 Esan a tha cur, tha e cur an fhacail.
15 Agus is iadsan ri taobh an rathaid, far na chuireadh am facal, an fheadhainn nach luaithe chluinneas iad e, na thig Satan, is togaidh e air falbh am facal a chuireadh nan cridheachan.
16 Agus is iadsan mar an ciadna, a chuireadh anns an talamh chreagach, an fheadhainn, an deigh dhaibh eisdeachd ris an fhacal, a ghrad-ghlac e le aoibhneas:
17 'S chan eil friamh aca unnta fhein, agus cha mhair iad fada; nuair a dh' eireas trioblaid agus geur leanmhuinn air son an fhacail, tha iad a tuiteam air falbh.
18 Agus tha feadhainn eile ann, a tha air an cur am measg dhreaghan; 'siad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal
19 Ach tha iomaguin an t-saoghail, agus mealltaireachd beartais, agus sannt air nithean eile a dol a stigh 'sa tachdadh an fhacail, agus ga fhagail gun toradh.
20 Agus an fheadhainn a chuireadh air talamh math, 's iad sin iadsan a dh' eisdeas ris an fhacal, 'sa ghlacas e, sa bheir a mach toradh, cuid deich thar fhichead, cuid tri fichead, cuid ciad fillte.
21 Is thuirt e riutha: An toirear coinneal, gus a cur fo shaghach, no fo leabaidh? nach ann gus a cur an coinnleir?
22 Oir chan eil ni am falach, nach toirear am follais; 's cha d' rinneadh ni an uaigneas, ach los gun nochdar e.
23 Ma tha cluasan aig duine sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
24 Is thuirt e riutha: Thugaibh an aire dhan rud a chluinneas sibh. Leis an tomhas leis na thomhais sibh, toimhsear dhuibh air ais, agus cuirear tuilleadh ris dhuibh.
25 Oir dhan neach aig a bheil, bheirear: agus bhon neach aig nach eil bheirear an ni sin fhein a th' aige bhuaithe.
26 Is thuirt e: Mar so tha rioghachd Dhe mar gun tilgeadh duine siol anns an talamh,
27 'S gun caidleadh e, 's gun eireadh e a dh' oidhche 'sa latha, 'S gum fasadh an siol, 's gun cinneadh e gun fhios dha.
28 Oir bheir an talamh a mach toradh leis fhein, an toiseach an duilleag, an sin an dias, a rithist an grainnean lan anns an deis.
29 'S nuair a tha 'n toradh abaich, cuiridh e an corran ris gun dail, bho na tha am foghar air tighinn.
30 Is thuirt e: Co ris a shamhlaicheas sinn rioghachd Dhe? no ciod an dubhfhacal ris an cuir sinn an coimeas i?
31 Tha i coltach ri grainne de shiol mustaird, nuair a chuirear san talamh i, is lugha i den h-uile siol a tha air thalamh:
32 'S an deigh a cur, fasaidh i suas, is cinnidh i nas mua na h-uile luibh, is cuiridh i mach geugan mora, agus faodaidh eoin an athair tamh fo 'sgaile.
33 Agus le iomadh dubhfhacal den leithidean so, labhair e riutha am facal, air reir 's mar b' urrainn dhaibh eisdeachd:
34 Agus gun dubhfhacal cha do labhair e riutha: ach a lethtaobh mhinich e a h-uile ni dha dheisciopuil.
35 Is thuirt e riutha an latha sin fhein, nuair thainig am feasgar: Rachamaid null thun an taoibh eile.
36 'Sa cur air falbh an t-sluaigh, ghabh iad e stigh don eathar mar a bha e; is bha eathraichean eile comhla ris.
37 Agus dh' eirich stoirm mhor ghaoithe, agus thaom i na tuinn a stigh don eathar, air chor 's gun robh an t-eathar a lionadh.
38 Agus bha esan an deireadh an eathair 'na chadal air cluasaig; agus dhuisg iad e, is thuirt iad ris: A Mhaighistir, nach eil umhail agad gu bheil sinn a dol a dhith?
39 'S ag eirigh chronaich e a ghaoth, 's thuirt e ris a mhuir: Gabh fois, bi samhach. Is laidh a ghaoth; agus thainig fiath mor.
40 Is thuirt e riutha: Carson a tha eagal oirbh? Nach eil creideamh agaibh fhathast? Agus ghabh iad eagal mor; is thuirt iad ri cheile:
Co, a shaoileas tu, is e, chionn tha ghaoth agus a mhuir umhail dha?
V. CAIBIDEIL.
Criosda tilgeadh a mach legion dheomhan; a leigheas na te air an robh siubhal fala; 'sa toirt nighean Iairuis beo.
Agus thainig iad thairis air a chaolas mhara gu duthaich nan Geresach.
2 'Sa dol a mach as an eathar, ghrad-choinnich fear e a tighinn a mach as na h-uaighean anns an robh spiorad neoghlan,
3 Aig an robh a chomhnaidh anns na h-uaighean, 's cha b' urrainn do dhuine sam bith a cheangal a nis, eadhon le slabhruidhean:
4 Oir ged chaidh a cheangal gu tric le cuibhrichean, 's le slabhruidhean, bhrist e na slabhruidhean, 's bhruan e na cuibhrichean, agus cha burrainn do dhuine sam bith a cheannsachadh.
5 Is bha e daonnan a latha sa dh' oidhche anns na h-uaighean agus anns na beanntan, ag eigheach, 's ga bhruthadh fhein le clachan.
6 'Sa faicinn Iosa fad as, ruith e, 's thug e aoradh dha;
7 'S ag eigheach le guth ard, thuirt e: Ciod mo ghnothach-sa riut, Iosa Mhic an De is airde? guidheam ort as leth Dhe, nach pian thu mi.
8 Oir thuirt e ris: Gabh a mach as an duine, a spioraid neoghlain.
9 Agus dh' fhaighnich e dheth: De t-ainm tha ort? Is thuirt e ris: Se Legion m' ainm, oir is moran sinn.
10 Is ghrios e gu cruaidh air, nach fogradh e mach as an duthaich e.
11 Agus bha an sin mun bheinn treud mhor mhuc ag ionaltradh.
12 Agus ghuidh na spioraid air, ag radh: Cuir thun nam muc sinn, los gun teid sinn a stigh unnta,
13 Agus thug Iosa cead dhaibh san uair. Thainig na spioraid neoghlan a mach agus chaidh iad a stigh dha na mucan; is chaidh an treud, a bha mu dha mhile, 'nan deann-ruith an comhair an cinn dhan mhuir, agus bhathadh sa mhuir iad.
14 Agus theich an fheadhainn a bha gam biadhadh, is dh' innis iad e sa bhaile, is feadh na duthcha. Agus chaidh iad a mach a dh' fhaicinn ciod a thachair
15 Is thainig iad gu Iosa, agus chunnaic iad esan, a bha air a sharachadh leis an deomhan, 'na shuidhe agus aodach uime, agus 'na lan chiall; is ghabh iad eagal.
16 Agus dh' innis iadsan, a chunnaic e, dhaibh mar a rinneadh airesan anns an robh an deomhan, agus mu dheidhinn nam muc.
17 Agus thoisich iad ri guidhe air, falbh as an criochan.
18 'S nuair a bha e a dol a stigh dhan bhata, thoisich am fear, a bha air a phianadh leis an deomhan, ri guidh' air a leigeil comhla ris:
19 Ach cha do leig e leis, 's ann a thuirt e ris: Falbh dhachaigh gud chairdean, is innis na rinn an Tighearna dhut, 's mar a ghabh e truas riut.
20 Is dh' fhalbh e, agus thoisich e ri innse ann an Decapolis na rinn Iosa dha; agus ghabh iad uile ioghnadh.
21 'S nuair a thill Iosa a rithist chon an taobh eile sa bhata, chrunnaich moran sluaigh ga ionnsuidh, agus bha e teann air a mhuir.
22 Agus thainig fear de dh' uachdrain an t-sinagoig, dham b' ainm Iairus; 's ga fhaicinn, thuit e sios aig a chasan,
23 Agus ghuidh' e gu cruaidh air, ag radh: Tha mo nighean ri uchd bais, thig, cuir do lamh oirre, los gun leighisear i, 's gum bi i beo.
24 Is dh' fhalbh e comhla ris, agus lean cuideachda mhor e, is bha iad a domhlachadh mun cuairt air.
25 Agus boirionnach, air an robh siubhal-fala fad da bhliadhna dhiag,
26 'S a dh' fhuilig moran bho iomadh lighich, 'sa chosg a cuid uile, 's nach deach dad am feobhas, ach an aite sin a dh'fhas nas miosa.
27 A cluinntinn mu Iosa, thainig i, am measg an t-sluaigh, air a chulaobh, agus bhean i dha eideadh;
28 Oir thuirt i: Ged nach dian mi ach beantuinn dha aodach, bithidh mi slan.
29 Is thiormaich san uair a siubhal-fala, agus dh' fhairich i air a coluinn gun robh a h- eucail air a leigheis.
30 Agus dh' aithnich Iosa sa cheart uair ann fhein, gun deach feartan a mach bhuaithe, agus thionndaidh e ris an t-sluagh, is thuirt e: Co bhean dham eideadh?
31 Is thuirt a dheisciopuil ris: Tha thu faicinn domhlachd an t-sluaigh 's an abair thu: Co bhean dhomh?
32 Agus sheall e mun cuairt a dh' fhaicinn na te a rinn so.
33 Ach am biorionnach a tuigsinn na rinneadh innte, thainig i fo fhiamh 's air chrith, agus thuit i sios air a bhialaobh, is dh' innis i dha an fhirinn gu leir.
34 Is thuirt esan rithe: A nighean, rinn do chreideamh slan thu: falbh ann an sith, is bi air do leigheas bho d' eucail.
35 Nuair a bha e fhathast a labhairt, thainig feadhainn bho riaghladair an t-sinagoig, ag radh: Chaochail do nighean: carson a tha thu cur tuilleadh dragh air a mhaighistir?
36 Nuair a chuala Iosa an comhradh a bh'aca, thuirt e ri riaghladair an t-sinagoig: Na gabh eagal: ach a mhain creid.
37 'S cha do leig e le duine sam bith a leantuinn, ach Peadar, agus Seumas, agus Eoin, brathair Sheumais.
38 Is rainig iad tigh riaghladair an t-sinagoig, agus chuinnaic e an iomairt, is sluagh a gal, 'sa caoidh gu goirt.
39 'Sa dol a stigh, thuirt e riutha: Carson tha sibh fo bhruaillean, sa gal? chan eil an nighean marbh, ach na cadal.
40 Is rinn iad gaire fanaid air. Ach chuir esan a mach iad uile, agus thug e leis athair is mathair na h-ighinn, is iadsan a bha comhla ris, agus chaidh e a stigh far an robh an nighean 'na laidhe.
41 'Sa breith air laimh na h-ighinn, thuirt e rithe: Talitha cum, se sin air eadar-theangachadh : A nighean (tha mu ag radh riut), eirich.
42 Is dh' eirich an nighean san uair, is choisich i, oir bha i da bhliadhna dhiag a dh' aois. Agus b' anabarrach an t-iognadh a ghabh iad.
43 Is sparr e gu cruaidh orra, gun neach sam bith fios fhaighinn air an so; agus dh' iarr e orra rudeigin a thoirt dhi ri itheadh.
V1. CAIBIDEIL
Criosda teagasg ann an Nasareth; a cur a mach a dha ostal diag a theagasg; a riarachadh choig mile le coig bonnaich: sa coiseachd air a mhuir.
Is dh'fhalbh e as a sin, agus chaidh e gu dhuthaich fhein; is lean a dheisciopuil e;
2 Agus nuair thainig an t-sabaid, thoisich e ri teagasg san t-sinagog; is ghabh moran a bha ga eisdeachd ioghnadh ri theagag ag radh: Co as an tainig na tha aig an duine so? agus de an gliocas a tha air a thoirt dha: 's na gniomhan cho euchdail, a th' air an dianamh le lamhan?
3 Nach e so an saor, mac Moire, brathair Sheumais, is Ioseiph, is Iuda, is Shimoin? nach eil a pheathraichean an so maille ruinn? Agus ghabh iad sgainneal as.
4 Is thuirt Iosa riutha: Chan eil faidh gun onair ach 'na dhuthaich fhein, agus 'na thigh fhein, 's am measg a chairdean fhein.
5 Agus cha burrainn dha miarailt sam bith a dhianamh an sin, ach a mhain gun do leighis e beagan de dhaoine tinne le a lamhan a leagail orra;
6 Is ghabh e ioghnadh rin cion creidimh, agus dh' imich e feadh nam bailtean mun cuairt a teagasg.
7 Agus ghairm e na dha dhiag: is thoisich e air an cur air falbh lion dithis is dithis, agus thug e cumhachd dhaibh thairis air spioradan neoghlan.
8 Is dh'aithn e orra gun dad a thoirt leo air an rathad, ach bata a mhain: gun mhala, gun aran, gun airgiod 'nan sporan,
9 Ach cuarain air a chasan, 's gun da chota a chur orra.
10 Is thuirt e riutha: Ge be aite san teid sibh a stigh do thigh, fanaibh ann, gus am falbh sibh as a sin.
11 Agus aite sam bith nach gabh ribh, 's nach eisd ribh, a falbh as a sin, crathaibh an duslach dher casan mar fhianais 'nan aghaidh.
12 'Sa gabhail a mach, shearmonaich iad gun fheumar aithreachas a dheanamh.
13 Agus thilg iad a mach moran dheomhan, is dh' ung iad le ola moran dhaoine tinne, agus leighis iad iad.
14 Agus chuala righ Herod (Oir rinneadh 'ainm Iosa follaiseach), is thuirt e: Dh' eirich Eoin Baistidh bho na mairbh: 's air an aobhar sin tha feartan gan oibreachadh leis.
15 Ach thuirt feadhainn eile: Se Elias a th' ann. Is thuirt cuid eile: Se faidh th' ann, mar aon de na faidhean a bh'ann bho shean.
16 Air do Herod so a chluinntinn, thuirt e: Se Eoin, dhen tug mise an ceann, a th' ann, dh' eirich e bho na mairbh.
17 Oir chuir Herod fhein a mach is ghlac e Eoin, agus cheangal e am priosan e as leth Herodiais, bean a bhrathar Philip, chionn gun do phos e i.
18 Oir thuirt Eoin ri Herod: Chan eil e laghail dhut bean do bhrathar a bhith agad.
19 Agus bha Herodias le droch run na aghaidh, agus bha toil aice a mharbhadh, ach cha b' urrainn dhi.
20 Oir bha eagal aig Herod roimh Eoin, a tuigsinn gun robh e 'na dhuine ceart agus naomh: agus ghleidh e sabhailte e, agus air dha eisdeachd ris, bhiodh e fo iomagain, ach dh' eisdeadh e ris gu toileach.
21 Agus nuair a thainig latha freagrach, rinn Herod suipeir, airson latha bhreith, do dh' uaislean, 's do cheannardan, 's do mhaithean Ghalile.
22 'S nuair a thainig nighean Herodiais so a stigh, 'sa dhanns i, 'sa thaitinn i ri Herod, agus riuthasan a bha aig bord comhla ris, thuirt an righ ris a chailin: iarr orm nas aill leat, is bheir mi dhut e:
23 Agus mhionnaich e dhi: Ge be ni a dhiarras tu bheir mi dhut e, ged a b'e leth mo rioghachd.
24 Nuair chaidh i mach, thuirt i ri mathair: De a dh' iarras mi? ach thuirt ise: Ceann Eoin Baistidh.
25 'S air dhi tighinn a stigh le cabhaig san uair thun an righ, dh' iarr i, ag radh: Is aill leam gun toir thu dhomh san uair ceann Eoin Baiste air meis.
26 Agus bha 'n righ ro-dhuilich: ach as leth a mhionnan, s air son na feadhnach a bh' aig bord maille ris, cha b' aill leis miothlachd a chur oirre:
27 'Sa cur sleagh-fhear bhuaithe, dh' orduich e a cheann a thoirt a stigh air meis. Is thug e an ceann dheth sa phriosan,
28 Agus thug e leis a cheann air meis, 's thug e don chailin e; agus thug a chailin dha mathair e.
29 Nuair chuala a dheisciopuil so, thainig iad, 's thug iad leo a chorp, agus chuir iad ann an uaigh e.
30 Is chruinnich na h-ostail gu Iosa, agus dh' innis iad dha a h-uile ni, a bha iad air dianamh, 's air teagasg.
31 Is thuirt e riutha: Thigibh a lethtaobh gu aite fas, agus leigibh ur n-anail airson beagan uine. Oir bha iad lionor an fheadhainn a bha tighinn 'sa dol; agus cha robh uine aca air biadh fhein a ghabhail.
32 'Sa gabhail a stigh do bhata, chaidh iad a lethtaobh gu aite fas.
33 Agus chunnacas iad a falbh, 's bha fios aig moran air; sa falbh air an cois as na bailtean uile, ruith iad an sin, agus bha iad rompa.
34 'Sa dol air tir, chunnaic Iosa sluagh mor: agus ghabh e truas riutha, a chionn gun robh iad mar chaoraich gun bhuachaille, agus thoisich e ri moran a theagasg dhaibh.
35 Agus nuair a bha nis a mhor chuid dhan latha seachad, thainig a dheisciopuil ga ionnsuidh, ag radh : Is fasach an t-aite so, 's tha 'n uair a nis air ruith
36 Leig air falbh iad, los a dol do na tighean duthcha 's do na bailtean is fhaisge orra gun ceannaich iad biadh dhaibh fhein a dh' itheas iad.
37 Agus fhreagair e iad, ag radh: Thugaibh fhein biadh dhaibh ri ithe. Is thuirt iad ris: An rachamaid a cheannach luach da chiad sgilinn de dh' aran a bheir sinn dhaibh ri ithe?
38 Is thuirt e riutha: Co miad bonnach-arain a thagaibh? siubhlaibh a dh' fhaicinn. Agus nuair a fhuair iad mach, thuirt iad: Coig, 's da iasg.
39 Agus dh' orduich e dhaibh a thoirt orra suidhe uile nam buidhnean air an fhiar ghorm.
40 Is shuidh iad sios 'nan cuideachdan chiadan agus leth-chiadan.
41 'Sa glacadh na coig bonnaich-arain, 's an da iasg, 's ag amharc suas gu neamh, bheannaich e, is bhrist e na bonnaich, agus thug e iad dha dheisciopuil, gus an cur air am bialaobh; agus roinn e an da iasg orra uile.
42 Is dhith iad uile, agus riaraicheadh iad.
43 Is thog iad lan da chliabh dhiag de spruileach, 's de dhiasg.
44 Agus b' e aireamh na feadhnach, a dh' ith, coig mile fear.
45 'S air ball thug e air a dheisciopuil a dhol a stigh do bhata, gus iad a dhol roimhe thar a chaol gu Bethsaida, fhad 'sa bhiodh e fhein a sgaoileadh an t-sluaigh.
46 Agus nuair a sgaoil e iad, chaidh e suas do bheinn a ghabhail urnaigh.
47 'S nuair a bha an t-anmoch ann bha am bata am miadhon na fairge, agus esan leis fhein air tir.
48 'Sa faicinn gun robh iad air an sarachadh ag iomradh (oir bha ghaoth nan aghaidh), thainig e mun cheathramh faire den oidhche gan ionnsuidh, a coiseachd air a mhuir; agus bha toil aige dhol seachad orra.
49 Ach iadsan ga fhaicinn a coiseachd air a mhuir, shaoil iad gur e manadh a bh'ann, agus glaodh iad.
50 Oir chunnaic iad uile e, agus gabh iad eagal mor. Agus ghrad-labhair e, is thuirt e riutha: Biodh misneach agaibh: Is mise thann, na biodh eagal oirbh.
51 Agus chaidh e dhan bhata comhla riutha, agus laidh a ghaoth. Agus bha uamhas mhor orra.
52 Oir cha do thuig iad mu na bonnaich-arain: oir bha an cridhe air a chruadhachadh.
53 Agus nuair dh' aisig iad thairis, thainig iad gu talamh Ghenesareth, is tharruinn iad gu tir.
54 'S nuair thainig iad as a bhata, dh' aithnich iad e san uair:
55 Sa ruith feadh na duthcha sin uile, thoisich iad air an fheadhainn a bha tinn a ghiulan mun cuairt air leabaidhean far an cuala iad esan a bhith.
56 Agus aite sam bith air an tadhaladh e air cathraichean, bailtean no duthaich, bha iad a cur nan daoine tinn air na straidean, 's a guid' air gum faodadh iad a mhain beantuinn do dh'iomall aodaich: 'sa mhiad 's bhean dha, rinneadh slan iad.
V11. CAIBIDEIL
Criosda cronachadh nam Phairiseach; a leigheas nighean na bana- Chanaanaich, agus an duine a bha bodhar is balbh.
Agus thainig na Phairisich ga ionnsuidh, is cuid dhe na Sgriobhaich bho Ierusalem.
2 Agus nuair a chunnaic iad cuid dhe dheisciopuil ag ithe arain le lamhan cumanta, se sin, gun an nighe, fhuair iad coire dhaibh.
3 Oir chan ith na Phairisich, agus na h-Iudhaich uile biadh, mur nigh iad an lamhan gu tric, a leantuinn beul-aithris nan seanairean.
4 Agus ma thig iad bhon mhargadh, chan ith iad gun ionnlad; 's tha iomadh ni eile ann, a tha air an orduchadh dhaibh a chumail, mar tha nighe chupaichean, is phoitean, is shoitheachan praise.
5 Agus dh' fharraid na Phairisich 's na Sgriobhaich dheth: Carson nach eil do dheisciopuil a leantuinn beul-aithris nan seanairean, ach ag ithe arain le lamhan gun nighe?
6 Ach esan a freagairt, thuirt e riutha: Is math a dh' fhaisnich Isaias mur deidhinn, a chealgairean, mar tha e sgriobhte: Tha 'm pobull so toirt urraim dhomhsa lem bilean: ach tha an cridhe fada bhuam.
7 Agus is faoin dhaibh a bhith toirt aoraidh dhomhsa,'s iad a teasgasg puingean is orduighean dhaoine.
8 Oir a fagail fainte Dhe, tha sibh a cumail beul-aithris dhaoine, mar tha nighe phoitean, is chupaichean; agus moran nithean eile den leithidean sin tha sibh a dianamh.
9 Is thuirt e riutha: Is math tha sibh a cur fainte Dhe air chul, gus ur beul-aithris fhein a chumail.
10 Oir thuirt Maois: Thoir onair dhad athair is dhad mhathair; agus: Am fear a mhollaicheas athair no mhathair, a basachadh basaicheadh e.
11 Ach tha sibhse ag radh: Ma their duine ri 'athair no ri mhathair corban sam bith (Se sin tobhartas) bhuamsa, thig e gu buannachd dhutsa
12 Agus thar sin cha leig sibh leis dad a dhianamh dha athair, no dha mhathair,
13 Mar sin, a cur facal Dhe air chul le ur bial-aithris fhein, a tha sibh a cumail a dol, agus tha sibh a dianamh iomadh ni eile coltach riutha sin.
14 'Sa gairm a rithist an t-sluaigh ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Eisdibh rium uile, agus tuigibh.
15 Chan eil ni a dol a staigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh: ach 'siad na nithean a tha tighinn a mach a duine, a tha truailleadh an duine.
16 Ma tha cluasan aig neach sam bith gu cluinntinn, cluinneadh e.
17 Agus nuair a chaidh e stigh don tigh bhon t-sluagh, dh' fharraid a dheisciopuil dheth mun dubhfhacal.
18 Is thuirt e riutha: A bheil sibhse mar sin gun tuigse? Nach eil sibh a tuigsinn, nach eil ni sam bith a dol a stigh ann an duine bhon taobh a mach, a 's urrainn a thruailleadh:
19 A chionn 's nach eil e a dol a stigh 'na chridhe, ach a dol a stigh na bhroinn, theid e mach don dun. (Mar sin, a glanadh bhiadhan uile).
20 Ach thuirt e, gur iad na nithean, a thig a mach as an duine a thruailleas an duine.
21 Oir 'sann bhon taobh a stigh a cridhe dhaoine a thig droch smaointean, adhaltras, striopachas, murt,
22 Goid, sannt, drochbheart, foill, mi-gheamnachd, droch-shuil, blaisbheum, uabhar, aimideachd.
23 Tha na h-uilc sin uile a struthadh bhon taobh stigh, 's tha iad a truailleadh an duine.
24 'S ag eirigh as a sin, chaidh e gu criochan Thiruis agus Shidoin; 'sa dol a stigh do thigh, cha b' aill leis gum biodh fios aig duine sam bith air, ach cha b' urrainn dha a bhith am falach.
25 Oir cho luath 'sa chuala boirionnach, aig an robh nighean anns an robh spiorad neoghlan, mu dheidhinn, chaidh i stigh, agus thuit i aig a chasan.
26 Oir bu bhana-phaganach am boirionnach de chinneadh Shirophenissa. Agus ghrios i air gun cuireadh e an deomhan as a h-ighinn.
27 Thuirt esan rithe: Leig leis a chloinn a bhith air an riarachadh an toiseachd: oir chan eil e math aran na cloinne a ghabhail, 'sa thilgeadh thun nan con.
28 Ach fhreagair ise, is thuirt i ris: Is fior sin, a Thighearna, ach ithidh na cuileinean fon bhord de chriomagan na cloinne.
29 Is thuirt e rithe: Air son an fhacail so bi falbh, chaidh an deomhan a mach as do nighinn.
30 'S nuair rainig i a tigh, fhuair i an nighean 'na laidhe air an leabaidh, 's an deomhan air a dhol a mach aisde.
31 'Sa triall a rithist a criochan Thiruis, thainig e tromh Shidon gu muir Ghalile tromh mhiadhon criochan Dhecapolis.
32 Agus thug iad ga ionnsuidh duine bodhar is balbh, agus ghuidh iad air, gun cuireadh e a lamh air.
33 Is ga thoirt a lethtaobh a mach as an t-sluagh, chuir e mheoir 'na chluasan; 's le shile bhean e dha theangaidh;
34 'S ag amharc suas gu neamh, thug e osnadh, is thuirt e: Ephpheta, se sin, bi air d' fhosgladh.
35 Agus san uair dh' fhosgladh a chluasan, agus dh' fhuasgladh ceangal a theangaidh, is labhair e ceart.
36 Is dhaithn e orra gun iad a dh' innse do neach sam bith. Ach mar is mua dh' aithn e orra 'sann is mua bha iadsan ga innse;
37 Agus sann is mua ghabh iad ioghnadh, ag radh: Rinn e a h-uile ni gu math; thug e air na bodhair cluinntinn, agus air na balbhain labhairt.
V111. CAIBIDEIL
Criosda riarachadh ceithir mile sluaigh; a toirt fradhairc do dhall; ag innse a phais ro-laimh.
Anns na laithean sin a rithist nuair a bha moran sluaigh ann, gun ni aca a dh' itheadh iad, ghairm e a dheisciopuil, is thuirt e riutha
2 Tha truas agam ris an t-sluagh: oir, seall, tha iad air giulan leam cheana tri latha, 's chan eil ni aca a dhitheas iad:
3 Agus ma leigeas mi air falbh iad 'nan traisg dhan tighean, fannaichidh iad air an rathad; oir thainig cuid dhiu air astar.
4 Is fhreagair a dheisciopuil e: Ciamar is urrainn do neach an riarachadh le aran an so san fhasach?
5 Is dh' fharraid e dhiu: Co miad bonnach a thagaibh? Thuirt iad: A seachd.
6 Agus dh' orduich e don t-sluagh suidhe air an lar. 'Sa glacadh nan seachd bonnaich, 'sa toirt buidheachais, bhrist e, is thug e dha dheisciopuil iad gus an cur air am bialaobh, agus chuir iad air bialaobh an t-sluaigh iad.
7 'S bha beagan de mheanbh-iasg aca; agus bheannaich e iad, agus dh' iarr e an cur air am bialaobh.
8 Agus dh' ith iad, is riaraicheadh iad, agus den phronnaig a dh' fhagadh thog iad seachd cleibh.
9 Is bha an fheadhainn a dh' ith mun cuairt do cheithir mile: agus chuir e air falbh iad.
10 'S gun mhaille chaidh e air bord a bhata comhla ri dheisciopuil, agus thainig e gu criochan Dhalmanutha.
11 Agus thainig na Phairisich a mach, is thoisich iad ri cheasnachadh, ag iarraidh comharraidh air bho neamh, ga bhuaireadh.
12 'S ag osnaich 'na spiorad, thuirt e: Carson a tha an ginealach so ag iarraidh comharraidh? gu deimhinn tha mi ag radh ribh, nach toirear comharradh don ghinealach so.
13 Agus gam fagail chaidh e a rithist air bord bata, is dh' fhalbh e thar a chaol.
14 Agus dhiochuimhnich iad aran a thoirt leo agus cha robh aca ach aon bhonnach maille riutha san eathar.
15 Is dh' aithn e orra, ag radh bithibh sealltuinneach agus faicilleach bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, 's bho thaois ghoirt Heroid.
16 Agus bha iadsan a reusonachadh ri cheile, ag radh: 'S ann a chionn 's nach eil aran againn.
17 Thuirt Iosa riutha, 's e tuigsinn so: Carson tha sibh smaoineachadh a chionn 's nach eil aran agaibh? nach eil sibh a faicinn fhathast no a tuigsinn? a bheil ur cridhe dall fhathast?
18 Tha suilean agaibh, 's nach eil sibh a faicinn? Agus cluasan agaibh, 's nach eil sibh a cluinntinn? Cha mhua tha sibh a cuimhneachadh,
19 Nuair a bhrist mi na coig bonnaich am measg choig mile, co miad lan cleibh de phronnagan a thog sibh? Thuirt iad ris: A dha dhiag.
20 A rithist, na seachd bonnaich am measg cheithir mile, co miad cliabh do phronnagan a thog sibh? Is thuirt iad ris: A seachd.
21 Is thuirt e riutha: Ciamar nach eil sibh a tuigsinn fhathast?
22 Agus thainig iad gu Bethsaida, 's thug iad duine dall ga ionnsuidh, agus ghuidh iad air gum beanadh e dha.
23 'Sa breith air laimh an doill, thug e mach as a bhaile e; 'sa cur a shile air a shuilean, 'sa cur a lamhan air, dh' fharraid e dheth, an robh e faicinn dad.
24 'Sa sealltuinn suas thuirt e: Tha mi faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.
25 An sin chuir e a lamhan air a shuilean a rithist; agus thoisich e ri faicinn; is fhuair e fhradharc, air chor 's gum bu leir dha gach ni gu soilleir.
26 Is chuir e gu thigh fhein e, ag radh: Falbh gud thigh; agus ma theid thu stigh don bhaile, na innis do neach sam bith.
27 Agus chaidh Iosa agus a dheisciopuil a mach gu bailtean Chesarea Philippi; 'S air an t-slighe dh' fharraid e dhe dheisciopuil, ag radh riutha: Co tha daoine ag radh is mi?
28 Fhreagair iad e ag radh: Eoin Baistidh, cuid Elias, ach cuid eile mar aon de na faidhean.
29 An sin thuirt e riutha: Ach co tha sibhse ag radh is mi? Fhreagair Peadar, is thuirt e ris: is tu Criosda.
30 Agus mhaoidh e orra, gun iad a dh 'innseadh so mu dheidhinn do neach sam bith.
31 Is thoisich e ri theagasg dhaibh gum feum Mac an duine moran fhulang, a bhith air a dhiultadh leis na seanairean, 's leis na h-ardshagairt, agus leis na Sgriobhaich, 'sa bhith air a chur gu bas; agus an deigh thri laithean eirigh a rithist.
32 Agus labhair e am facal gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus theann e ri chronachadh.
33 Ach Iosa a tionndadh, sheall e air a dheisciopuil, is bhagair e air Peadar, ag radh: Theirig air mo chulaobh, a shatain: oir chan eil tlachd agad do nithean Dhe, ach do nithean dhaoine.
34 'Sa gairm an t-sluaigh maille ri dheisciopuil ga ionnsuidh, thuirt e riutha: Ma 's aill le neach sam bith mise leantuinn, aicheadhadh e e fhein, is togadh e chrois, agus leanadh e mi.
35 Oir co sam bith leis an aill a bheatha shabhaladh, caillidh e i: agus co sam bith a chailleas a bheatha air mo shonsa, 's air son an t-soisgeil, sabhailidh e i.
36 Oir ciod e is fheairrde duine, an saoghal a chosnadh gu leir, ma chailleas e anam?
37 No ciod a bheir duine an eirig anma?
38 Oir an neach a ghabhas naire asam-sa, is as mo bhriathran, anns a ghinealach adhaltrannach agus pheacach so, gabhaidh Mac an duine naire assan-san, nuair a thig e an gloir Athar maille ris na h-ainglean naomha.
Jesus Christ Saves Ministries, P.O. Box 270636, San Diego, CA, 92198JCSM is a 501(c)(3), non-profit organization. Copyright © 1997-present. |
|
Sponsored Advertisements